Featured

Turas sgoile

Abair latha sgoinneil a bh’againn aig Landmark an-diugh. Chunnaic sinn tòrr dealan-dè agus bha tòrr spòrs againn uile. Bha a h-uile duine ann an clas 1 gu math modhail, agus bha a h-uile duine a’ gabhail pàirt. Bidh sibh uile sgìth a-nochd, agus toilichte nach eil sinn san sgoil a-màireach!

What a great day we had at Landmark today. We saw lots of butterflies, and had lots of fun. Everyone in Primary 1 was well behaved and happy to take part in all the activities. I’m sure they’ll all be tired tonight, and happy not to be in school tomorrow. Many thanks to the parent helpers who also came along today.

http://bigbutterflycount.org/content/files/BBC2017IDSCOweb.pdf 

Featured

Turas sgoile clas 1

225px-Circle-information.svg

Seo agaibh fiosrachadh airson an turas againn a-màireach, gu taigh na Dealan-dè ann an Landmark.

  • Faodaidh aodach àbhaisteach a bhith air a chlann, ach feuch geansaidh sgoile a chur orra cuideachd gus am bi fios aig muinntir Landmark cò sinn.
  • Faodaidh sibh mu £2 no £3 a thoirt leibh. Chan eil mi a’ smaointinn gum bi ùine againn airson a dhol dhan bhùth, ach ma tha, ‘s dòcha gum bi cothrom ann stuth a cheannach.
  • Feuch seacaid a thoirt a bhios freagarrach san t-uisge. Tha sinn an dòchas nach bi e cho fliuch ‘s a tha e an-diugh, ach dìreach gus am bi sinn deiseil airson sìde sam bith.
  • Na bi toirt leibh camara no stuth teicneòlas idir. Gabhaidh mise tòrr dealbhan airson a bhloga.
  • Cuimhnich botail uisge agus snack a thoirt leibh ann am baga druim.
  • Tha a’ bhus a’ fàgail aig 0930. Mur a bheil sibh ann, chan fhaigh sibh ann.

Tha mi cìnnteach gum bi latha sgoinneil againn uile. Chì mi sibh a-màireach.

 

Here is some information about the school trip tomorrow to the Butterfly house.

  • The children are allowed to wear their own comfortable clothes for the trip, as long as they are also wearing a something with the school logo on it. This is for safety reasons, so that Landmark staff can easily identify children.
  • The children may bring a few pounds with them. I don’t think we’ll have time to visit the shop, but if we do, there may be an opportunity to buy something small.
  • The children should all bring a jacket which is suitable for the rain. We hope to have better weather tomorrow, but it’s better to be prepared for all weathers.
  • Do not allow your child to bring a camera or any technology with them for the trip. I will be taking plenty of pictures for you all to see on the blog.
  • Remember to provide your child with a bottle of water and a snack.
  • Only 15 children have requested a lunch bag to be provided by the school canteen. All other children should bring their own lunch.
  • The bus will be leaving the school at 0930 sharp. If you’re late, you won’t be coming on the trip. Please don’t be late!

I am sure we’ll all have a great time. I’ll see you tomorrow.

23.6.17

Seachdain eile trang dha clas a h-aon. An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsacadh mu dheidhinn diofar creideamhan mun cuairt an t-saoghal. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn Crìosdachd, Ioslam agus Budastachd. Tha sinn cuideachd air a bhith a’ leughadh tòrr agus sinn uile a-nis a’ gluasad gu leabhraichean ùra a h-uile seachdain.

Another busy week for Primary one. This week, we’ve been learning about different world religions. We discussed Christianity, Islam and Buddhism. We’ve also been doing lots of reading, with each reading group now moving onto a new book every week.

Mòd Inbhir Nis

logo

Bidh clas 1 a’ gabhail pàirt an a Mòd Inbhir Nis air Dihaoine. Cha bhi deisean ach air ceathrar anns a chlas a tha a’ cluich pàirtean san òran. Bidh a h-uile duine eile le aodach sgoile orra. Tha sinn an dùil a bhith aig Eden Court san ‘One touch theatre’. Thèid sinn ann aig mu 10:40m airson an cò-fharpais.

Primary 1 will be taking part in the Inverness Mòd on Friday. The only children in our performance wearing costumes will be the four children who have roles in the song, Everyone else should be wearing school uniform. We hope to be in Eden Court in the One touch theatre, and hope to be there at around 10:40am.

SSPCA

Thàinig boireannach bhon SSPCA dhan sgoil an-diugh airson innse dhuinn mu dheidhinn beathaichean agus peataichean. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ciamar a bhios an SSPCA a’coimhead às dèidh beathaichean, agus ciamar a ‘s urrainn dhuinn cuideachadh.

A lady from the SSPCA came into school today to talk to us about animals and pets. We learnt about the work that the SSPCA does in looking after animals, and learnt about what we can do to help too!

2.6.17

Bha seachdain gu math làn againn an t-seachdain seo le Là Spòrs air Dimàirt agus na Comataidhean sgoile an-diugh. Bha sinn cuideachd trang ag ullachadh airson a Mhòid le bhith a’ peantadh na ‘props’ againn agus a’ seinn gu tric. Ann am Matamataig bha sinn ag ionnsachadh barrachd mu dheidhinn airgead. Fhuair sinn cuideachd cothrom cluich a-muigh ‘sa ghrian.

We had a full week this week with the School Sports Day on Tuesday and the School Committee groups today. We were also busy preparing for the Mod by painting our props and doing a lot of singing. In maths, we were learning more about money. We also had an opportunity to play outside in the sunshine.